NEWSLETTER



DOS & DON'TS

Yelling shit from cars is primarily for drunken jocks and other people who haven't gotten over high school but you've got to admit that it's extremely easy and feels guiltily satisfying when you screech away. It's like the beating-off-to-Bangbus of insults. Comments/Enlarge | See all


New dads take note. When you work away from home too much and raise your kids on birthday magicians, cartoons and MTV Emo hour you will come home one day to this and start yelling: Sarah, I can't even recognize Kylie any more. Comments/Enlarge | See all






RELATED ARTICLES

SHOT BY KERN
Photos by Richard Kern
VICE COMICS
By Bald Eagles
ASHLEY GILBERTSON - PART 2
You must have learned how to dodge bul...
DRUM DREAM
I Was a Drum Leader for Boadrum77



FROM THIS ISSUE

TEACHING THE TEACHERS
Finally
TIDBITS
A Monthly Look At Things We Love - The Na...
BOYS AND GIRLS
Something for the Kids
TOP PRODUCERS
Jammer Vs. Skepta





Photo by Neil Thomson

THA E MATH A BHITH A'

Fuireach Ann Am Barraigh!



Tha e math a bhith a’ fuireach ann am Barraigh, gu h-àraid anns an t-samhradh. Bidh a’ ghrian ris agus bidh a h-uile duine a’ dol gu na tràighean àlainn, geala agus a’ snàmh anns a’ mhuir.  Ged a bhios a’ ghrian ris agus ged a tha a’ ghainmheach blàth, tha a’ mhuir glè fhuar—ach cha bhith sin gar stad!

Tha Barraigh trang anns an t-samhradh agus bidh sinn a’ faicinn tòrr shrainnsearan a’ tighinn a choimhead air an eilean agus a ghabhail pàirt anns a’ chultur againn: ’s urrainn dhaibh dannsa Gàidhealach fhaicinn, oràin Ghàidhlig a chluinntinn agus èisteachd ri ionnstramaidean Gàidhealach cuideachd.

Bidh sinn a’ dol a-mach gu dannsaichean far am bi Balaich Bhatarsaigh a’ cluiche agus far am bi an t-ùrlar làn leis a h-uile duine a’ dannsa. Tha sinn glè chinnteach gu bheil an luchd turais air fad toilichte nuair a tha iad a’ gabhail pàirt ann cuideachd.

’S a’ gheamhradh, tha i fuar ach aig amannan tha i àlainn cuideachd. Bidh a’ mhuir cho ciùin agus an t-adhar cho liath  agus tha e math a dhol a-mach cuairt air latha mar seo. Tha i snog air an oidhche nuair a tha na rionnagan a-muigh agus ni thu mach barrachd rionnagan ann am Barraigh oir chan eil tòrr sholais ann mar a tha ann am bailtean mòra.

Ach bidh an t-sìde glè robach cuideachd. Bidh i fiadhaich, bidh an t-uisge ann, bidh dealanaich is tàirneanaich ann agus uaireanan bidh sneachda againn. Bidh tuinn mhòra a’ bualadh air a’ chladach air an taobh an Iar. Uair neo dha sa’ bhliadhna, chan urrainn dhuinn a dhol dhan sgoil leis an droch shìde oir cha bhith dealan ann. Tha e ro chunnartach do na busaichean falbh leis cho làidir sa tha a’ ghaoth neo tha tuilleadh sa choir sneachda air na rathaidean. Nuair a bhios an t-sìde cho dona seo, chan urrainn don bhàt’-aiseig neo don itealan tighinn agus air sailleabh seo, cha bhith pàipearan nàidheachd neo biadh mar aran is bainne a’ tighinn. Cha bhith seo a’ dèanamh mòran dragh dhuinn oir tha sinn cho eòlach air.

’S urrainn do mhòran air an eilean Gàidhlig a bhruidhinn agus tha sinne a’ smaointinn gun e cànan feumail a th’ann—tha e math ma tha thu a’ bruidhinn air rud diomhair agus nach eil thu airson daoine eile do thuigsinn! Bidh sinne a’ bruidhinn Gàidhlig a h-uile latha còmhla ri ar pàrantan agus ar càirdean.

MAIREAD F. MACNEIL

See all articles by this contributor

< PREV

Comments


POST A COMMENT [SIGN IN]
Hi, in case you haven't heard, you can now sign up to become a "member" of Viceland.com, which entitles you to all sorts of amazing benefits like pictures and a nickname. Click here to make your own profile. You can still comment if you don't, but you gotta do it all 'nonymously.

Name:
Comment: